Оригинален текст
Chaidh mi `n-dé dhan choille challtainn 
Shireadh chnòthan airson biadh 
Ach `s e bh`air a h-uile geug ach 
D`aodann-sa gam thriall 
Chaidh mi `n-dé gu tràigh a`mhaoraich 
Lòn de choilleagan a bhuain 
Nochd a h-uile slige neamhnaid 
D`àilleachd-sa a luaidh 
 
Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda 
Son do sgiùrsadh as mo cheann 
H-uile glainne thog mi thaom do 
Mhaiseachd aist`na deann 
Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh 
Thusa ruagadh as le suain 
Ach cha tug thu cead dhormh cadal 
Gus an dèanainn duan 
 
Dh`iarrainn-sa bhith saor od thòireadh 
Ach gu bheil sinn roinnt o chèll` 
Do chumadh bhith an àlt`do shamhla 
Agam bhios an fhèill 
Dh`fhàg thu mi`nam bhaothair gòrach 
Bòdhradh chàirdean le do chliù 
Nuair a thig thu chi lad nach eil 
Mearachd ann am fhiù 
 
Chi iad sgurr a`danns le saobh-shruth 
Famh is iolair` anns an ruidhl` 
Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir 
Mireadh mu an sùil 
Chi lad mis`is thusa sùgradh 
Bil ri bil are n-anail aoint` 
Cniadachadh mar seo gu sior le 
Chèile b`e are maoin